Acair Books

Acair Books Award-winning publisher

Books for all ages in Gaelic & English

www.acairbooks.com We also publish books in English, bilingual and Scots and ship worldwide.

Acair was established in 1977 to provide Gaelic language materials for the groundbreaking bilingual education project in the Western Isles. Over 40 years later and we are one of the biggest publishers of Gaelic language books from children's, fiction, educational to historical, we have published a huge variety of books. Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

📚🤩 Abair latha!
09/09/2026

📚🤩 Abair latha!

Tha leabhraichean Gàidhlig gu bhith nam pàirt de Latha Leabhair na Cruinne an ath-bhliadhna airson a' chiad uair riamh.

🚨🚨NAIDHEACHD MHÒR!🚨🚨Tha e na adhbhar moit mhòr do Acair gu bheil DÀ leabhar aca rim faighinn mar phàirt den CHIAD chruin...
09/09/2026

🚨🚨NAIDHEACHD MHÒR!🚨🚨

Tha e na adhbhar moit mhòr do Acair gu bheil DÀ leabhar aca rim faighinn mar phàirt den CHIAD chruinneachadh de leabhraichean sa Ghàidhlig airson Latha Leabhair na Cruinne!

Cha robh leabhraichean Gàidhlig rim faighinn roimhe san sgeama iongantach seo is tha sinn air ar dòigh gu bheil a-nis - agus, chan e sin a-mhàin ach tha Artair sa Chaisteal (riochd sònraichte den leabhar airson 2027) le Mòrag Anna NicNèill mar phàirt dheth agus leabhar gu tur ùr cuideachd, Cèic airson Màiri, leis an sgrìobhadair ùr, Uilleam Moireach!

Cha bhi na leabhraichean rim faighinn gu Latha Leabhair na Cruinne 2027 air 04.03.2027 ach tha làn fhios againn gun còrd iad ribh uile! Bidh goireasan obrach rim faighinn cuideachd airson sgoiltean agus bhuidhnean òigridh. Cumaibh sùil air làrach-lìn Latha Leabhair na Cruinne airson tuilleadh fiosrachaidh.

﹌﹌﹌﹌﹌﹌﹌﹌﹌﹌

Acair are hugely proud to have TWO of their titles available as part of World Book Day's FIRST EVER Gaelic offering!

Until now, Gaelic titles had never been available through the amazing World Book Day scheme and we are absolutely delighted that they now are! Not only that but with Artair sa Chaisteal (a special 2027 version)by Morag Anna MacNeil as part of it, along with a brand new title, Cèic airson Màiri, written by first-time author, Will Murray!

The books won't be available until World Book Day 2027 on 04.03.2027 but we know you'll enjoy them! There will also be activity sheets and resources available for schools and youth groups. Keep an eye on World Book Day's website for further information.

🎺🎺🤩🤩

World Book Day (UK & Ireland)

Tha sinn uile eòlach air Dòtaman, saoilidh mi! Tha na h-òrain a tha anns an leabhar seo air an taghadh bho òrain a chaid...
08/09/2026

Tha sinn uile eòlach air Dòtaman, saoilidh mi!

Tha na h-òrain a tha anns an leabhar seo air an taghadh bho òrain a chaidh a sgrìobhadh a dh' aon ghnothaich don t-sreath phrògraman Dòtaman.

🔗 https://acairbooks.com/books/dotaman/

🤞SEACHDAIN RI DHOL GUS CUIRM NAN DUAISEAN! 🤞Tha ⚓ air an dòigh agus SIA leabhraichean air an ainmeachadh sa gheàrr-liost...
08/09/2026

🤞SEACHDAIN RI DHOL GUS CUIRM NAN DUAISEAN! 🤞

Tha ⚓ air an dòigh agus SIA leabhraichean air an ainmeachadh sa gheàrr-liosta airson Na Duaisean Litreachais 2026!

Leugh tuilleadh mu na geàrr-liostaichean tron cheangal 👇

🔗https://www.gaelicbooks.org/na-duaisean-litreachais-2026-gearr-liostaichean

- - - - - - - - - -

🤞ONE WEEK UNTIL THE AWARDS CEREMONY! 🤞

⚓ are delighted to have SIX titles named on the shortlist for the Gaelic Literature Awards 2026!

Read more about the short-list through the link above 👆

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd...
07/09/2026

Tha Ruaraidh MacThòmais (1921–2012) aithnichte mar bhàrd, ollamh, agus iomairtiche as leth na Gàidhlig – ach a bharrachd air sin, b’ e sgrìobhadair rosg ealanta agus neach-naidheachd geur a bh’ ann. Anns an leabhar seo, gheibhear, airson a’ chiad turas, a h-uile sgeulachd ghoirid a dh’fhoillsich MacThòmais agus a chaidh lorg gu ruige seo, còmhla ri taghadh de sgrìobhaidhean eile a nochd ann an Gairm, an ràitheachan a chuir MacThòmais air bhonn còmhla ri Fionnlagh Iain MacDhòmhnaill: lèirmheasan air leabhraichean a ghlac aire MhicThòmais, aithisgean-siubhail à Canada agus às na dùthchannan Lochlannach, colbhan-beachd, agus aistean air Gàidhlig agus poilitigs. Anns na pìosan seo, chithear lèirsinn fharsaing, spèis do charaidean agus do sgrìobhadairean eile, faireachdainnean domhainn, àbhachdas, agus beachdan MhicThòmais air an toirt am follais ann an dòigh ùr is brìoghmhor.

🔗 https://acairbooks.com/books/an-staran/

🤩Cothrom air leth! 🤩LÀMH AIR AN STIÙIR Prògram leasachaidh, air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail, a’ toirt cothrom d...
07/09/2026

🤩Cothrom air leth! 🤩

LÀMH AIR AN STIÙIR

Prògram leasachaidh, air a mhaoineachadh le Alba Chruthachail, a’ toirt cothrom do sgrìobhadairean agus luchd-litreachais proifeasanta eile na Gàidhlig tuigse agus sgilean a thogail mar luchd-cathrach air tachartasan litreachais aig fèisean is eile. Thathar an dòchas gun cuidich seo ann a bhith a’ fosgladh chothroman ùra.

Tha 6 àiteannan air a’ phrògram is seo na tha e a’ tabhann dhut:

6 seiseanan-trèanaidh (còmhla, air-loidhne, eadar Dàmhair is Dùbhlachd 2026)
Cothrom na sgilean ùra agad a chur gu feum le bhith a’ dèanamh agallamh (bhideo) le sgrìobhadair proifeasanta eile (fa leth), a’ toirt cothrom do chuid obrach a thaisbeanadh do luchd-prògramaidh is eile
Bursaraidh £500

Ceann-latha son iarrtasan 30 Sultain aig 12:00
Tuilleadh fiosrachaidh agus tagraidhean: [email protected]

Tha a h-uile duine a’ smaoineachadh gu bheil na Moireasdanaich toilichte nam beatha. Dotair a th’ ann an Sam, le bean bh...
04/09/2026

Tha a h-uile duine a’ smaoineachadh gu bheil na Moireasdanaich toilichte nam beatha. Dotair a th’ ann an Sam, le bean bhrèagha agus dithis chloinne. Dè a dh’ fhaodadh a bhi na dhorchadas na bheatha..?

🔗 https://acairbooks.com/books/cluicheadairean/?lang=gd

Tha leabhraichean aig ⚓ dhan a h-uile duine aig gach aòis, agus aig gach ìre. Chì sibh na th' againn air ar làrach-lìn, ...
04/09/2026

Tha leabhraichean aig ⚓ dhan a h-uile duine aig gach aòis, agus aig gach ìre. Chì sibh na th' againn air ar làrach-lìn, no ma tha sibh ann an Steòrnabhagh, nach tig sibh staigh a chèilidh oirnn?

- - - - - - - - - - - -

There's an ⚓ book for everyone, at every age and every stage. You'll see our vast range on our website or if you're in Stornoway, why not pop in for a browse?

www.acairbooks.com

🚨4 SEACHDAINNEAN RI DHOL! Thèid an leabhar a chur air bhog aig tachartas aig Comhairle na Leabhraichean air 01.10.2026 a...
03/09/2026

🚨4 SEACHDAINNEAN RI DHOL!

Thèid an leabhar a chur air bhog aig tachartas aig Comhairle na Leabhraichean air 01.10.2026 aig 6:30f. Faodar tiocaidean, saor-an-asgaidh, fhaighinn tro cheangal gu h-ìosal.

🔗https://www.eventbrite.co.uk/e/rop-is-mol-le-donnchadh-macgilliosa-tickets-1998198159485

- - - - - - - - - -

🚨4 WEEKS TO GO!

There will be a launch event held on 01.10.2026 at Gaelic Books Council at 6:30pm. Free tickets are available through the link above. 👆

Address

An Tosgan, 54 Seaforth Road
Stornoway
HS12SD

Opening Hours

Monday 9am - 5pm
Tuesday 9am - 5pm
Wednesday 9am - 5pm
Thursday 9am - 5pm
Friday 9am - 5pm

Telephone

+441851703020

Alerts

Be the first to know and let us send you an email when Acair Books posts news and promotions. Your email address will not be used for any other purpose, and you can unsubscribe at any time.

Contact The Business

Send a message to Acair Books:

Shortcuts

Share

Category